Na h-òrain

B’ ann ‘sa bhliadhna 2002 nuair a thòisich sinn ri sheinn nan òran Gàidhlig an toiseach. Aig an àm sin, bha e nar cleachdadh a bhith a gabhail òrain mar dhòigh airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Ach bha ùidh cho mòr air na h-òrain bhòidheach seo ‘s gun do thòisich sinn a bheachdachadh mu chòisir Ghàidhlig a stèidheachadh ann am Buenos Aires. Seo mar a rugadh Ceòlraidh air an 20mh latha Lùnasdal 2002.

‘S iomadach fear is bean a chaidh a thàladh leis a phróiseact seo, agus a chuir an cuid oidheirp airson Ceólraidh a chur air adhart troimh na bliadhnaichean a chaidh seachad. Tha sinn fada nan comain.

A rèir ar càirdean, as déidh dusan bliadhna bha làn thìde ann gun dèanadh sinn rudeiginn eile a bharrachd air seinn uair ‘sa mhìos aig “shows” an siud ’s an seo airson na h-òrain Ghàidhlig a thoirt dhan na luchd èisteachd san fharsaingeachd ann an Argentina, agus is dòcha ann an dùthchanan eile an Laideann Ameireaga, no an àite eile air an t-saoghal. Cò aige tha fhios?

Mu dheireadh thall, seo agaibh e! A chiad CD a rinn sinn a’ tairgsinn tadhadh de dh’òrain de gach seòrsa is stoidhle. Ged tha na h-òrain seo gu math ainmeach agus is gur cinnteach gum bidh daoine eòlach orra, bithidh sibh a faighinn a-mach gu bheil rud no dhà a tha gu math ùr, neo-chumanta annta. Tha sinn uile an dòchas gun còrd na h-òrain ruibh cho math ‘sa chòrd e ruinn a bhith gan seinn.

Mòran taing a h-huile duine! ¡Muchas gracias a todos!

CD front cover

Fuaim-lorgan:

  1. Suas Leis a’ Ghàidhlig
  2. Air An Tràigh
  3. Lag Nan Cruachan
  4. A’ Bhean a bh’aig an Tàillear Chaol
  5. Mo shùil ‘ad dhèidh
  6. Saor an t-Sabhaidh / Ruidhlidh Nan Coilich Dhubha
  7. A Mhòrag
  8. Crònan
  9. Màl Na Mara
  10. Cearcall a’ Chuain
  11. Leanabh An Àigh
  12. Alasdair An Dùin
  13. Siud Mar Chaidh An Càl a Dholaidh
  14. Buain Na Rainich
Ceannaich

Air An Tràigh

Mo Shùil ‘Ad Dhèidh

Riochdairean:

Stiùiriche Cultair is Cànain
Guillermo Santana Mackinlay

Ban-stiùiriche Ciùil
Claudia Cano

Seinneadairean

Claudia Cano
Cristina Cicalese
Roberto Domínguez
Marcela Gaitán (bodhràn)
Paola Luppino (giotàr fuaimneach)
Patsy Makin
Rosana Negri
Guillermo Santana Mackinlay (pìob bheag Albannach)

Clàraichte ann an Casa Frida Estudio, Buenos Aires, Lùnasdal 2014